- TIOTAL
- Loch Laomainn
- EXTERNAL ID
- QZP40_914_117_P019
- ÀITE
- Loch Laomainn
- DEIT
- 1852
- LINN
- 1770an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 31361
- KEYWORDS
- lochan
eileanan
sgàineadh
cruinn-eòlas
beanntan
cnuic
beathaichean
eòin

Tha Loch Laomainn barrachd air 27 mìle ceàrnagach ann am meud agus 's e an loch fior-uisge as motha a tha a-staigh san tìr ann am Breatainn. Chan eil barrachd uisge ach ann an Loch Nis.
Chaidh an loch a chruthachadh le eighr'-shruthan ann an Linn na Deighe agus 's e an aon phrìomh loch a th'air an Sgàineadh Ghàidhealach. Tha dà cheann eadar-dhealaichte aig an loch air sgàth 's seo - an ceann cumhang Gàidhealach is an ceann farsaing Gallda. Tha Beinn Laoimainn - an Rothach as fhaide deas - ri taobh an loch. Mus deach Alba a stèidheachadh, bha Loch Laomainn na chrìoch eadar rìoghachdan Dhàl Riata, Srath Chluaidh is Tìr nan Cruithnich.
Tha iomadh seòrsa fiadh-bheatha a' fuireach aig an loch, mar fèidh is capaill-coille, ach 's e am beathach as neònaiche a gheibhear aig Loch Laomainn an wallaby dearg-amhach. Chaidh na wallabies a thoirt gu fear de na 27 eileanan san loch anns na 1970an mar phàirt de phlana pàirc fhiadh-bheatha a thòiseachadh. Nuair nach tàinig na planaichean gu buil chaidh na wallabies fhàgail is tha iad air a bhith ann on àm sin.
Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Boswell's Journal of the Tour to the Hebrides with Samuel Johnson' (deasachadh 1852)