- TIOTAL
- Braigh Mhàrr
- EXTERNAL ID
- QZP40_1020_P048
- ÀITE
- Caisteal Bràigh Mhàrr
- SGÌRE
- Oir Dhè
- LINN
- 1710an
- CRUTHADAIR
- John E. Shearer
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 31401
- KEYWORDS
- caistealan
Braigh Mhàrr
Geamannan Bràigh Mhàrr
Abhainn Dheathain
Seumasaich
Iarla Mhàrr

Thog Iain Erskine, (an) dara Iarla Mhàrr Caisteal Bràigh Mhàrr ann an 1628. Chaidh a losgadh ann an 1689 agus bha e na ghearastan aig feachdan an riaghaltais an dèidh aramach nan Seumasach ann an 1715 agus 1745. B' ann aig Bràigh Mhàrr a thog Iain Erskine, an t-6mh Iarla Mhàrr suaicheantas Sheumais Frangan Eideard Stiùbhart, "An Seann Tagraiche" anns an t-Sultain 1715. Tha Caisteal Bràighe Mhàrr faisg air baile Bhràigh Mhàrr a tha ainmeil airson nan Geamannan. Thòisich an cleachdadh seo anns an 11mh linn agus thòisich an ceangal ris an teaghlach Rìoghail nuair a thadhail a' Bhan-rìgh Bhioctoria ann an toiseach ann an 1848.
Thàinig an dealbh seo à 'The Battle of Sheriffmuir' le 'an FSA Scot' (i.e. John E. Shearer)