- TIOTAL
- Plana Blàr na h-Eaglaise Brice
- EXTERNAL ID
- QZP40_1061_P168
- ÀITE
- An Eaglais Bhreac
- DEIT
- 1801
- LINN
- 1740an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 31405
- KEYWORDS
- An Eaglais Bhreac
batailean
planaichean
cinnidhean
Na Seumasaich
Am Prionnsa Teàrlach Eideart Stiùbhart
muinntir Hanòbhair
Henry Hawley
zoomable
Air an t-slighe air ais gu tuath à Dàrbaidh, thachair feachd nan Seumasach ri Arm an riaghaltais fon Fho-Sheanalair Hawley aig an Eaglais Bhreac. Bha Hawley air àite Sir Iain Cope a ghabhail an dèidh Prestonpans agus suarach am beachd a bh' aige air a' 'Mhailisidh Ghàidhealach' - na bheachdsan cha robh na Seumasaich a' dol a chur mòran dragh air an arm aige.
Nuair a choinnich an dà airm bha cùisean na b' fheàrr dha na Seumasaich. Bha iad air talamh na bu chruaidhe agus na b' àirde a thug air saighdearan an riaghaltais a dhèanamh ionnsaigh suas lèathad, agus an armachd a chall ann an talamh bog. Bha cuideachd aig feachdan an riaghaltais sabaid an aghaidh na gaoithe agus an uisge a bha air cùl nan Seumasach.
Dh' fheuch Hawley ri sreath nan Seumasach a bhriseadh le ionnsaigh eich bhon bha e air cluinntinn gun robh eagal air na Gàidheil roimh na h-eich, ach cha do ghluais iad. Ged nach robh mòran rian air a' bhatail rinn na Seumasaich a' chùis air feachd Hawley, a' marbhadh mu 420 saighdearan agus a' call dìreach mu 50 aca fhèin.
Chaidh an dealbh seo a thoirt às an leabhar aig Home, 'History of the Rebellion'