- TIOTAL
- Seann Bhachall an Naomh Faolain
- EXTERNAL ID
- QZP40_2475_2_P378
- DEIT
- 1890
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 31694
- KEYWORDS
- naoimh
misionairidhean
bachall

A rèir coltas, 's e 'quigrich', no bachall buachailleachd an Naoimh Faolain a tha seo, air a chòmhdach le airgead. Bha còir gun robh cumhachd draoidheil aige ann a bhith a' lorg stuth a bh'air a ghoid.
Bha an Naomh Faolain à Èirinn, is thàinig e gu Gleann Dochard mu 730AD. Thog e manachainn faisg air Uachdar Thìre anns Na Srathaibh. Dh'fhàg e na cuimhneachain aige aig daoine neo-chlèireach ann an Gleann Dochard an àite aig na manaich anns a' mhanachainn. 'S e 'deòradh' a bh'aca air daoine mar seo, is 's ann o sin a thàinig an sloinneadh 'Deòireach'.
Bha an 'quigrich' aig an aon theaghlach ann an Gleann Dochard mu 900 bliadhna gus an deach a reic ri MhicDhòmhnaill Ghleann Garaidh nuair a bha cion-airgid aca. Chaidh cùisean nas miosa do na Deòireaich gus an d'fhuair iad air a cheannach air ais mu dheireadh, le duilghideas.
Ged nach robh e fhathast air a chleachdadh a chum stuth a bh'air a ghoid a lorg, bhathar a' creidsinn gun dèanadh bùrn anns an robh am bachall leigheas air crodh tinn.
Chan eil ach ceann a' bhachaill (airgead le bachall beag umha na bhroinn) air fhàgail, is chaidh seo a chuir ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta nan Seanachdan le Alasdair Deòireach.
Chaidh an lann seo a thoirt o 'The Quigrich or Crosier of St Fillan' and published in 'Archaeologia Scotica or Transactions of the Society of Antiquaries of Scotland', leab. V (1890)