- TIOTAL
- Leac Chroise Sheannduaig
- EXTERNAL ID
- QZP40_2475_P001
- ÀITE
- Seannduaig
- SGÌRE
- Manachainn Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: An Neag
- DEIT
- 1857
- LINN
- 1850an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 31702
- KEYWORDS
- clachan Cruithneach
clachan
leacan snaidhte
obraichean-snaidhte
Cruithnich
Piocaich
tursachan
Seannduaig

Tha Clach Sheannduaig na seasamh air cnoc os cionn baile Sheannduaig, a' coimhead a-mach dhan mhuir. Tha a' chlach air ainmeachadh mar 'Clach a' Charraidh' no 'Clach nan Uaighean', oir chaidh cladh a chlàradh an sin anns an 19mh linn.
'S e Clach Chruithneach Clas II on 8mh no an 9mh linn a th'ann an Clach Sheannduaig. Mar bu trice, 's e leac cheithir-cheàrnach air a thoirt à tochladh is air a ghearradh a th'ann an clach Clas II. Tha an snaidheadh air gach clach gu math driamanach, ioma-lùbach is air a thogail on uachdar, le snaidheadh de chrois Chrìosdail air aon taobh. Tha samhlaidhean is seallaidhean Cruithneach air an taobh eile.
Tha Clach Sheannduaig mu 10 troighean (3 meatairean) a dh'àirde, is chaidh a leagail ann an gèile ann an 1846. Chaidh a cur air ais far an robh i o thùs on uairsin, ach tha i dìonta ann am bocsa glainne a-nis.
Tha an dealbh seo a' sealltainn taobh na croise den chloich. Tha a' chrois air a gràbhaladh le balgan ag èirigh bhon uachdar is le cuairteagan co-cheangailte.
Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Archaeologia Scotica or Transactions of the Society of Antiquaries of Scotland, vol IV, part III'