Ùrachadh mu Dheireadh 05/04/2019
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Aghaidh Mhòr, Srath Spè
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0288
ÀITE
An Aghaidh Mhòr
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32192
KEYWORDS
turasachd
làrach sgithidh
Am Monadh Ruadh
loidhneachan-rèile
cairtean-puist
Aviemore, Strathspey

Tha a' chairt-puist seo a' sealltainn a' phrìomh rathaid ann am baile na h-Aghaidh Mòire. Tha Taigh-òsta a' Mhonaidh Ruaidh air a' làimh chlì.

Tha An Aghaidh Mhòr air a bhith ann o na 1600an ach cha robh ann ach a dhà no trì thaighean agus taigh-seinnse gus an tàinig an rèile ann an 1862. Ach ann an 1892, le loidhnichean a' dol gu Inbhir Nis, Peairt agus Farrais, 's e ceangal glè chudromach a bh' ann. Dh'fhàs e luath, an toiseach na bhaile-fuirich do luchd-obrach na rèile ach an uair sin na àite do na daoine beartach a bha ri sealg agus iasgach.

Sna 1960an thòisich ath-leasachadh eile sa bhaile bheag shàmhach seo. Nuair a dh'fhosgail ionad sgithidh air a' Mhonadh Ruadh, 8 mìle air falbh ann an 1961 agus an uair sin ionad sònraichte airson saor-laithean ann an 1966, 's ann a dh'fhàs e na bu mhotha buileach. Ach cha do mhair na togalaichean chruadhtan, air an robh ailtirean cho measail aig an àm, agus chaidh an t-ionad ath-uidheamachadh aig cosgais iomadh millean not bhon uair sin.

An-diugh tha an t-àite a' frithealadh luchd-turais fad na bliadhna agus taghadh mòr de spòrs a-muigh ri fhaighinn ann. 'S e àite sònraichte gun choimeas a tha sa Mhonadh Ruadh, a' phàirc nàiseanta as motha ann am Breatainn, le beanntan fuaraidh, fuigheall na seann ghiuthsaich Chailleannaich, aibhnichean, lochan agus glinn, agus tha e na dhachaigh do dh'iomadh gnè eòin, bheathaichean agus lusan a tha ann an cunnart.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Aghaidh Mhòr, Srath Spè

INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais

1910an

turasachd; làrach sgithidh; Am Monadh Ruadh; loidhneachan-rèile; cairtean-puist

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection