- TIOTAL
- Agallamh le Alix Allison mun bhanais aice àm a' chogaidh
- EXTERNAL ID
- WD_HF09_TRACK03_ALLISON
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Ros Cuithne
- DEIT
- 2005
- LINN
- 2000an
- CRUTHADAIR
- Alix Allison
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
- AITHNEACHADH MAOINE
- 3271
- KEYWORDS
- An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
cuirm bainnse
cuibhreannan
cùmhnadh
rationing
claistinneach
Tha Alix Allison a' freagairt cheistean mun bhanais aice àm a' chogaidh ann an Ros an Ear.
An robh an dreasa agaibh a' còrdadh ruibh nuair a bha sibh a' pòsadh?
Uill, fhuair mi iasad dhen dreasa agam, a dh'innseadh na fìrinn. Cha robh e, bha e, fhuair mi iasad de dhreasa bainnse agus dh'fheumainn na bileagan a ghlèidheadh airson mo thrusgan falbh, going away outfit. Sin mar a bha e. Cha robh cus aodaich againn sna làithean sin. Chan ann mar a tha cùisean an-diugh.
An robh cèic bainnse agaibh?
O bha. Bha cèic bainnse agam. Ach bha e fo chuibhreann. Nuair a bha mo bhanais ann, chan fhaodainn ach, cha ghabhadh iad ach an uiread de dhaoine san taigh-òsta. Chan ann mar a tha iad an-diugh. Dh'fheumadh tu d' àireamhan a chunntadh, agus chaidh sin a roinn. Seadh, gu dearbh. Bha mu thrì fichead, seasgad, a bh' aig mo bhanais-sa. Bha trithead, deich air fhichead air gach taobh agus tha eagal orm gu robh mòran a luthaiginn a bhith ann ach nach b' urrainn dhomh a thoirt ann. Dìreach na càirdean a b' fhaisge: d' athair 's do mhàthair agus peathraichean do phàrantan ma bha sin agad, no do pheathraichean fhèin 's do bhràithrean; bha iad sin ann ach siud e.
An robh deise aig fear na bainnse aig do bhanais?
O bha, bha! Bha deise 'utility' aigesan. Dh'fheumadh esan a bhileagan fhaighinn agus sin a chunntadh; bha deise utility aige. Agus fhuair mise iasad de dhreasa gheal, 's mar sin a bha. Fhuair mi iasad dhen dreasa bho, uill, 's ann an Inbhir Pheofharain a bha i. 'S e piuthar mo nighean bainnse a bh' innte, sin ise. Fhuair i e air a dhèanamh agus gu fortanach 's ann a bha e am meud ceart dhomhsa. Mur nach biodh sin, chan eil fhios agam dè bhithinn air dèanamh. [Gàireachdainn] 'S cinnteach gum feumainn a dhol ann ann an deise.
Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Ard Rois.