- TIOTAL
- Am Ministear a Chunnaic na Sìthichean
- EXTERNAL ID
- WHA_VG1_03FI_GA
- ÀITE
- Both Chuidir / Obar Phuill
- SIORRACHD/PARRAIST
- PEAIRT
- DEIT
- 1995
- LINN
- 1650an
- CRUTHADAIR
- West Highland Animation bho sgeulachdan traidiseanta
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- West Highland Animation
- AITHNEACHADH MAOINE
- 3318
- KEYWORDS
- Cùltar
Beul Aithris
Dealbhan bheò
clann
Os-Nadurrach
sìth-bhrugh
sìthichean
Eaglais
Ministear
Rabairt Kirk
co-chruinnich beul-aithris
bhideo
bhideothan
Fhuair An t-Urramach Kirk, Ministear san t-seachdamh linn deug, cliù airson a chomas na sìthichean fhaicinn. Sgrìobh e leabhar a' tarraing air na cleachdaidhean aca agus aig deireadh a bheatha, thatar a' hreidsinn gun do dh'fhalbh e dhan t-sìthean.Tha am fiolm seo ag innse na sgeulachd air a'chiad uair a chunnaic e na sìthichean. Thachair e aon oidhche nuair a bha e na mhinistear ann am Both-chuidir is e air am Mansa fhàgail airson a dhol a-null dhan Eaglais a dh'ùrnaigh.
Chaidh am fiolm seo a dhèanamh thairis air trì seachdainean le cloinn bho Bhun-sgoil Both Chuidir. Chaidh na caractaran agus na cùl-ionadan gu lèir a dhèanamh a' steigeadh pìosan clòimhe air cairt le glaodh agus bha obair mhòr air. Cuideachd, dh'ionnsaich is sheinn a'chlann an t-òran agus na còmhraidhean le cuideachadh bho Pheigi Stiùbhart. Chaidh am fiolm a chraobh-sgaoileadh anns an earrainn 'Films d' Ecoles' aig an Fhèis Dealbh-Beò Annecy ann an 1989. Fhuair e an Seula Umha aig Fèis Fhiolm Neo-Phroifeiseanta Eadar-Nàiseanta Lunnainn agus Teisteanas de dh'Urras aig Fèis a' Cho-op 'Dèanamaid Fiolm' ann an 1989.
Air a dhèanamh le: Bun Sgoil Both Chuidir: Ben Todd, Maria Gunn, Julia Gompertz, Morag Bell, Ewan Bell, Sally Pickering, Gillian Sauer, Matthew Brown, Trevor Todd, Fraser Telfer, Yvonne MacNicol, Martin Sauer.
Mòran taing do: Joan Mann, Moira MacDonald, Diana Hand.
Stiùiriche: Leaslaidh NicCoinnich
Taic Airgid bho: Central Region Education Department.