- TIOTAL
- Sanas Taigh-cluiche Inbhir Nis airson a' chomadaidh 'She Stoops To Conquer!'
- EXTERNAL ID
- Z_GB232_D313_88
- ÀITE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- LINN
- 1850an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 4815
- KEYWORDS
- taighean-cluiche
sanasan dealbhan-cluiche
sanasan taighean-cluiche
dealbhan-cluiche
bròn-chluich
baoth-chluich
òran
dannsa
cleasaichean
ban-chleasaichean
dràma
actairean
cluicheadairean
Sanas Taigh-cluiche Rìoghail Inbhir Nis airson Dihaoine 7mh agus Diluain 10mh Og Mhìos 1850. B'e oidhche h-Aoine 'Fashionable Night' agus thòisich an oidhche leis a' chomadaidh aig Oliver Goldsmith 'She Stoops To Conquer!'. Chaidh 'Muggins' a chluich le Mgr Franks agus 'Stingo' le Mgr Fisher. Chriochnaich an oidhche leis a' bhaoth-chluich 'Young England'. B' e oidhche Luain 'The Fourth Grand Shakespearean Night'. Thòisich an cluich leis a' bhròn-chluich 'Romeo And Juliet' agus chrìochnaich e leis a' bhaoth-chluich 'The Miseries Of Human Life!'
Thòisich taisbeanadh na h-oidhche aig 8f agus bha prìsean nan suidheachan eadar sia sgillinn anns a' ghaileiridh agus dà thasdan anns na bocsaichean. Tha na facail ann an Laideann 'Vivat Regina' ('Beath' Fhada dhan Bhànrigh'), sgrìobhte aig bonn an t-sanais, mun Bhànrigh Bhictoria.
Chan eil e soilleir cuine a dh'fhosgail an Taigh-cluiche Rìoghail an toiseach, ach tha teisteanas ann a tha a' toirt taic dhan bheachd gu robh e ann ro 1826. Ghluais an taigh-cluiche gu Seòmraichean Lowe, air Sràid na h-Eaglaise, ann an 1849, agus ghluais e dha àite mu dheireadh, air Sràid na Bruaich, dà bhliadhn' deug thar fhichead an dèidh sin. Chaidh an Taigh-cluiche Rìoghail a sgrios le teine air madainn Dimàirt an t-17mh den Mhàirt 1931. Bha cleasachd Will Fyffe air fhosgladh an oidhche roimhe ach cha deach mòran de na propan aige neo an t-airgead a chaidh thoirt a-steach a lorg a riamh