- TIOTAL
- Litir o Mhgr C Waterston, am Banca Caledoniach gu Mh. Bhàillidh à Dùn Eathain, duilleag 1
- EXTERNAL ID
- Z_GB232_D456_A_12_109_1
- ÀITE
- Inbhir Nis
- SGÌRE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- DEIT
- 1856
- LINN
- 1850an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 4966
- KEYWORDS
- Bàillidhean Dhùn Eathain
Banca Caledoniach
Teàrlach Waterston
Àrd Eaglais Inbhir Nis
suidheachain eaglaise
co-sgrìobhadh
litrichean
'S e teaghlach à Inbhir Nis a bha a' fuireach anns an sgìre o mheadhan an 15mh linn a bh' ann am Bàillidhean Dhùn Eathain. Ged a bha an t-oighreachd aca beag an taca ri mòran de phrìomh theaghlaichean na Gàidhealtachd, bha àite sònraichte aca am-measg uachdarain na Gàidhealtachd.
Tha cruinneachadh mòr de phàipearan an teaghlaich ann an Tasglann Comhairle na Gàidhealtachd.Tha iad a' dèiligeadh ris an àm mu 1760-1860.
Tha an sgrìobhainn seo o'n 24mh den Iuchair 1856. 'S e seo litir o Mhgr C Waterston o'n Bhanca Caledoniach ann an Inbhir Nis gu Mh. Bhàillidh an Taigh Dhùn Eathain. Tha Mgr Waterston a' faighneachd an ceadaich Mh. Bhàillidh gun suidh pàirt den teaghlach mhòr aig Mgr Bethune san t-suidheachan toisich anns an Àrd Eaglais. 'S e caraid de Mhgr Waterston a th' ann am Mgr Bethune. 'S e mac 'Scotch clergyman' a th' ann agus tha e air tighinn à Tìr Van Diemen (Tasmania) o chionn ghoirid