- TIOTAL
- Bad a' Chròtha on iar, 1950an
- EXTERNAL ID
- GAIRLOCHM_015
- ÀITE
- Geàrrloch
- SGÌRE
- Geàrrloch
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Geàrrloch
- LINN
- 1950s
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch
- AITHNEACHADH MAOINE
- 4980
- KEYWORDS
- bailtean beaga
lochan
seallaidhean tìre

Sealladh on iar a' coimhead thar baile beag Bad a' Chròtha. Tha Sgoil Bhad a Chròtha air an fhìor làimh chlì ann am meadhan an deilbh agus tha cuairteagan feòir anns an achadh mu choinneimh Oifis a’ Phuist a th’ ann an-diugh.
'S e baile beag iasgaich iomallach a th' ann am Bad a' Chròtha, a tha na laighe trì cilemeatairean gu deas air Geàrrloch, air bruaichean Loch Bhad a' Chròtha. 'S e deagh acarsaid a th' ann agus mar sin 's e baile iasgaich gu math trang a bh' ann fada san naoidheamh linn deug agus tràth san fhicheadamh linn. Bhiodh trosg air a thoirt gu tìr sa bhaile agus ga thiormachadh aig na stèiseanan ciùraidh aig Eilean Thorasdail agus Eilean Tioram.
'S fhada bho chlaon gnìomhachas iasgach an truisg, ach tha giomaich, crùbagan agus muasgain-chaola fhathast air an cur air tìr sa bhaile, air an rathad gu margaidhean gu deas no san Roinn Eòrpa. Tha an deagh acarsaid cuideachd a' tàladh bhàtaichean spòrs.
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum