- TIOTAL
- Aithisg Comann Feòragan na Gaidhealtachd airson 1924, duilleag 3
- EXTERNAL ID
- Z_GB232_D522_41_3
- LINN
- 1920an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 5391
- KEYWORDS
- glèidhteachas
coilltearachd
smachd air plàighean
feòrag
feòragan

Cunntas bhliadhnail Comann Feòragan na Gaidhealtachd air a' bhliadhna gu 31mh An Dùbhlachd 1924. 'S ann le na 38 buill dhen chomann a bha 41,357 acair dhe na coilltean agus phàigh iad cìsean ballrachd luach £44 4s 7d. Chaidh 2658 feòragan a mharbhadh air na h-oighreachdan seo le duais £44 6s 8d airson airson na chaidh a mharbhadh.
Ann an 1844, chuir Baintighearna Lovat ìmpidh air an riaghaltas feòragan ruadha a thoirt a-steach dhan Ghaidhealtachd a-rithist. Ach, dh'fhàs an àireamh aca gu mòr, agus chaidh iad a dh'iomadh àite eile cuideachd. Airson rudeigin a dhèanamh mun chron a rinn iad air a' choilltich, chaidh Comann Feòragan na Gaidhealtachd a chur air bhonn gus feòragan a shealg, a ghlacadh agus a mharbhadh. Chaidh airgead a thoirt do dhaoine a chuir a-steach earbaill fheòragan. Gu h-annasach b' e Oighreachd na Moroich a mharbh an àireamh a bu mhotha