- TIOTAL
- Fiosrachadh on Chunntas Sluaigh mu shinnsirean JLM Mitchell
- EXTERNAL ID
- Z_GB232_D928_C_2_07M
- LINN
- 1880an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comann Gàidhlig Inbhir Nis
- AITHNEACHADH MAOINE
- 5601
- KEYWORDS
- sloinneadh
sloinnidhean
eachdraidh teaghlaich
eachdraidhean theaghlaichean
sloinnidhean theaghlaichean

Tha an clò-bhualadh seo, bhon chunntas-sluaigh ann an 1881, a' sealltainn fiosrachadh mu shinnsirean (dham b' ainm MacGriogair agus Gibb) an t-Siorraidh Seumas Lachlann Màrtainn Mitchell 1929 - 2001).Tha e na phàirt de thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis.
Bhuineadh Mitchell do dh' Inbhir Nis agus B' esan mac an lighiche ainmeil Lachlann Mitchell. An dèidh dha a bhith na iar-lioftanant anns a' Chabhlaich Rìoghail, leigeadh a-steach e gu Dàimh Luchd-tagraidh a' Chrùin . Shuidhicheadh e mar shiorraidh làn-ùine ann an Dùn Èideann ann an 1978, far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1995.
Ged a bha e ag obair ann an Dùn Èideann, mhair am meas a bh' aig Mitchell air a' Ghàidhealtachd. Chuir e seachad ùine a' dol timcheall na Gaidhealtachd a' leantail cùrsa Bhoswell agus MhicIain, a' dearbh-aithneachadh làraichean a bh' air a dhol air dhìochuimhn', agus a' togail dhealbhan airson taisbeanadh a' comharrachadh an dà cheud bliadhna o na sgrìobhadh 'Journal of a Tour of The Hebrides'. Thòisich an taisbeanadh ann an Taigh na Pàrlamaid agus lean e air ann an Inbhir nis fad grunn bhliadhnaichean an dèidh làimh