- TIOTAL
- Drochaid A' Chathair Bhig, Geàrrloch
- EXTERNAL ID
- GAIRLOCHM_953
- ÀITE
- Geàrrloch
- SGÌRE
- Geàrrloch
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Geàrrloch
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Gairloch Heritage Museum
- AITHNEACHADH MAOINE
- 6249
- KEYWORDS
- aibhnichean
drochaidean

Dealbh camara de Dhrochaid A' Chathair Bhig, faisg air Geàrrloch, air taobh siar na Gàidhealtachd.
Thàinig an t-ainm 'Gairloch', ainm baile air costa an iar-thuath Rois is Chrombaidh, bhon a' Ghàidhlig Geàrr Loch agus tha e air Bàgh a' Bhaile Mhòir ('Flowerdale Bay'), lùb seasgair a thathas, agus a bhathas roimhe, a' cleachdadh mar acarsaid chudromach air a' chost an iar airson bàtaichean-iasgaich is sgothan-seòlaidh.
B' e coimhearsnachd de chlachain bheaga sgapte a bh' ann an Geàrrloch uaireigin. Mus deach an rathad a chur air dòigh ann an 1843 (an A832 an-diugh), cha mhòr gum faighist ann ach air taobh na mara dheth. Nuair a chaidh fhosgladh a-mach, dh'fhàs an sgìre gu math tarraingeach do luchd-turais linn Bhioctoria is iad a' lorg blas milis dhen a' Ghàidhealtachd. Fhuair am baile soirbheas mòr an dèidh do Bhanrigh Bhioctoria tadhal air an àite an 1877. Dh'fhuirich i ann an Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe is i a' gabhail cuairt tron sgìre..
Tha am baile a' toirt bith-beò do dhaoine chun an là an-diugh tron a' cheangal a th' aige ris a' mhuir, gu sònraichte le iasgach ghiomach, chrùbagan agus mhaorach. Tha turasachd fhathast na ghnìomhachas mòr dhan a' bhaile, ged a tha luchd-turais an-diugh nas motha airson a dhol a-mach chun nam beanntan agus gu costa garbh na sgìre, seach a bhith a' snàmh mu thè dhe na tràighean a gheibhear anns an sgìre air neo sealg fhiadh air a' mhonadh, mar a chleachd muinntir linn Bhioctòria romhpa.
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum