- TIOTAL
- An Eaglais Shaor, Geàrrloch
- EXTERNAL ID
- GAIRLOCHM_1214
- ÀITE
- Geàrrloch
- SGÌRE
- Geàrrloch
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Geàrrloch
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh Dualchas Gheàrrloch
- AITHNEACHADH MAOINE
- 6537
- KEYWORDS
- eaglaisean

Dealbh camara den Eaglais Shaor ann an Geàrrloch. A' coimhead thairis air baile Gheàrrloch, chaidh an Eagalis Shaor a thogail ann an 1881 anns an stoidhle Ghothaic, a rèir dealbhachadh le Matthews & Lawrie.
'S e coimhearsnachd bheag iasgaich agus croitearachd air oirthir an iar-thuath na Gàidhealtachd a th' ann an Geàrrloch, a tha a' faighinn ainm bhon Ghàidhlig airson 'loch goirid' agus tha e suidhichte air Bàgh a' Bhaile Mhòir, caolas fasgach a bha roimhe, agus a tha fhathast, na acarsaid chudromach air an oirthir an iar airson bàtaichean-iasgaich agus gheataichean.
Bha uair a bha coimhearsnach Gheàrrloch air a dhèanamh suas de ghrunnan thuineachaidhean beaga sgapte. Mus deach an A832 a chrìochnachadh ann an 1843, cha mhò gun ruigeadh an t-àite ach bhon mhuir a mhàin. Aon uair agus chaidh 'fhosgladh suas', bha sgìre Gheàrrloch na cheann-uidhe a bha a' còrdadh ri mòran luchd-turais Bhictòrianach a bha ag iarraidh an 'sublime' Gàidhealach fheuchainn. Bha àrdachadh ann an luchd-turais an dèidh turas rìoghail leis a' Bhanrigh Bhictòria ann an 1877, a thadhail fhad 's a bha i a' fuireach aig Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe a bha faisg air làimh.
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Gairloch Heritage Museum