- TIOTAL
- Litir gu Grannd bho Uilleam MacCoinnich Friseal, 14 Giblean 1902, td 1
- EXTERNAL ID
- Z_GB1796_GRANT_979_65_009_001
- DEIT
- 1902
- LINN
- 1900an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 6579
- KEYWORDS
- fìdhlearan
fìdhlean
slatan-iasgaich
litrichean
strathspeys
cuirmean-ciùil

Is ann à Battangorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942). 'S ann o ainm a'bhaile a thàinig far-ainm a'Ghranndaich - 'Battan'. Dh'ionnsaich e mun dà ùidh as motha a bhiodh aige na bheatha an tòiseach nuair a bha e na bhalach - fìdhlearachd agus iasgach. Dh'fhàs e air leth math air an dà chuid; mar iasgair-slaite chruthaich e slat-iasgaich air an robh an 'Grant Vibration Rod' agus mar fhìdhlear, bha e na cheannard air Comann nan Srath Spè is Ruidhle Gàidhealach (Highland Strathspey and Reel Society) fad cha mhòr 40 bliadhna agus bha e cuideachd na eòlaiche air togail fhìdhlean. Chruthaich e an seòrsa fhìdhle air leth ann an cruth cruinn air a bheil 'Rondello'. Chithear eisimpleir de slat-iasgaich, fidheall agus Rondello a'Ghranndaich ann an Taigh Tasgaidh is Gailearaidh Inbhir Nis.
Chaidh an litir seo, leis a'cheann-latha 14 Giblean1902, a chur gu Grannd le Uilleam MacCoinnich Friseal, a bha na Ionmhasair Urramach aig Comann Siorrachd Inbhir Nis Lunnainn aig an àm sin. Anns an litir, tha Mgr Friseal ag iarraidh air a'Ghranndach a thighinn a chluich aig cuirm-chiùil a tha gu bhith ann ann an Talla na Banrigh, Lunnainn