- TIOTAL
- 'Currac-cuthaige na h-Alba', duilleag 1
- EXTERNAL ID
- Z_GB1796_GRANT_979_65_MISC_001_002
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
- AITHNEACHADH MAOINE
- 6682
- KEYWORDS
- fìdhlearan
fìdhlearachd
dannsan

Is e taghadh beag de ruidhlichean, caismeachd agus srathan-spè traidiseanta Albannach a th' ann an'Currac-cuthaige na h-Alba', mar a chaidh a chluich leis a' Chomann Ghàidhealach Shrath-spè agus Ruidhle. Chaidh a chur ri chèile leis an stiùiriche chiùil à Glaschu, Eanraig Mac an Tuathanaich (1882-1965), agus chaidh fhoillseachadh le Iòsaph MacUilleam à Lunnainn. Tha an duilleag seo a' sanasachadh liosta ioma-chuimseach de fhoillseachaidhean Mhic Uilleam a thaobh fìdhle agus piàna, agus mòran riain chiùil le Eanraig Mac an Tuathanaich nam measg.
Tha Comainn Ruidhle agus Shrath Spè air a bhith mar phàirt choitcheann den t-saoghal chiùil traidiseanta ann an Alba, bho chaidh a' chiad chomann a chruthachadh ann an Dùn Èideann ann an 1881. Chaidh meur na Gàidhealtachd a stèidheachadh ann an 1903. Bha aon de na buill-stèidhidh, Alasdair Grannd (cuideachd ainmichte mar 'Battan'), na stiùiriche air a' chomann suas gu a bhàs ann an 1942, faisg air dà fhichead bliadhna