- TIOTAL
- Ceòl airson 'The Highland Polka' le Skinner, duilleag 2
- EXTERNAL ID
- Z_GB1796_GRANT_979_65_MISC_004_025_002
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
- AITHNEACHADH MAOINE
- 6748
- KEYWORDS
- dannsan
fìdhlearan
fìdhlean
sgrìobhaichean
maighstirean dannsa
srathan spè
polca-an

Is e seo an còmhdach aghaidh air a' cheòl 'The Highland Polka' a sgrìobh Scott Skinner. Bha meas air a' pholca mar dhannsa bàil san naoidheamh linn deug agus sgrìobh Skinner mòran dhiubh gus an cleachdadh sna clasaichean dannsa aige. b' e 'Am Polca Gàidhealach' a' chiad cheòl sgrìobhte a chaidh fhoillseachadh dha; nochd e ann an iris nuair nach robh Skinner ach 17 bliadhna a dh'aois.
B' e duine cudromach a bh' ann an Seumas Scott Skinner (1843-1927) ann an a bhith a' leasachadh ceòl traidiseanta Albannach. À Beannchar bho thùs, dh'ionnsaich e an fhidheall agus a' bheus-fhidheall aig aois òg agus bha e a' cluich aig dannsaichean ionadail bho ochd bliadhna a dh'aois. Chùm e air gu bhith na oide fìdhle, na mhaighstir dannsa agus na chluicheadair cliùiteach, an toiseach a' cur air bhonn chuirmean ciùil san Ear Thuath ach mu dheireadh a' cluiche air feadh Alba. Chaidh e fiù air chuairt sna Stàitean Aonaichte agus Canada ann an 1893. B' e sgrìobhaiche ciùil torrach a bh' ann an Skinner cuideachd - chaidh còrr agus 600 de na fuinn aige a chur an clò. Dh'fhoillsich e diofar chruinneachaidhean air adhart bho 1861, a' cosnadh dha fhèin an tiotal 'Rìgh an t-Srathspè'