- TIOTAL
- Ceòl airson 'Iarla Thruim' le Scott Skinner, an còmhdach aghaidh
- EXTERNAL ID
- Z_GB1796_GRANT_979_65_MISC_004_028_001
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
- AITHNEACHADH MAOINE
- 6780
- KEYWORDS
- dannsan
fìdhlearan
fìdhlean
sgrìobhaichean
maighstirean dannsa
caismeachdan
puirt aotrom

Is e seo an còmhdach aghaidh de cheòl sgrìobhte Scott Skinner anns an t-sreath 'Sreath Monekie (Mon Ithidh)' (Àireamh 3) sa bheil an t-srathspè 'Iarla Thruim', a'chaismeachd pìoba 'The Gay Gordons' agus am port aotrom 'The Zeppelin'. Chaidh fhoillseachadh le Bayley & Fearghasdan.
B' e duine cudromach a bh' ann an Seumas Scott Skinner (1843-1927) ann an a bhith a' leasachadh ceòl traidiseanta Albannach. À Beannchar bho thùs, dh'ionnsaich e an fhidheall agus a' bheus-fhidheall aig aois òg agus bha e a' cluich aig dannsaichean ionadail bho ochd bliadhna a dh'aois. Chùm e air gu bhith na oide fìdhle, na mhaighstir dannsa agus na chluicheadair cliùiteach, an toiseach a' cur air bhonn chuirmean ciùil san Ear Thuath ach mu dheireadh a' cluiche air feadh Alba. Chaidh e fiù 's air chuairt sna Stàitean Aonaichte agus Canada ann an 1893. B' e sgrìobhaiche ciùil torrach a bh' ann an Skinner cuideachd. Chaidh còrr agus 600 de na fuinn aige a chur an clò. Dh'fhoillsich e diofar chruinneachaidhean air adhart bho 1861, a' cosnadh dha fhèin an tiotal 'Rìgh an t-Srathspè'