- TIOTAL
- Duilleag Cunntais nan Granndach le Suaicheantas na Companaidh, Caol Shràid Baron Taylor (toiseach)
- EXTERNAL ID
- Z_GB1796_GRANT_979_65_PATENT_018_002
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 6983
- KEYWORDS
- fìdhlearan
fìdhlean
slatan-iasgaich

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr, a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942), is 's e sin an t-adhbhar gun d' fhuair e am far-ainm - 'Battan'. Nuair a bha e na bhalach chuir e eòlas air dà rud a bha gu bhith air leth cudromach na bheatha - fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith air leth math air gach rud; mar iasgair nuair a chruthaich e an slat-iasgaich iongantach aige fhèin ris an canar an 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear le bhith a' stiùireadh Comann Srath Spè agus Ruidhle na Gàidhealtachd airson faisg air dà fhichead bliadhna agus thànaig e gu bhith na eòlaiche air dòighean cruthachaidh fhìdhlean. A thuilleadh air an sin chruthaich e fidheall sònraichte ann an cruth diosg ris an canar an 'Rondello'. Chithear eisimpleir den t-slat-iasgaich, an fhidheall agus an Rondello aig a' Ghranndach aig Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis (IMAG).
Ghluais an Granndach a dh'Inbhir Nis ann an 1887 gus gnìomhachas slait agus uidheam iasgaich a stèidheachadh air Caolshràid Baran Mhic an Tàilleir. Tha an duilleag cunntais seo (beulaibh) le Suaicheantas na Companaidh airson an togalach aige aig 7 Caolshràid Baran Mhic an Tàilleir, far an robh bùth ghruagaire aig cùl an togalaich. Chleachd an Granndach an duilleag airson dreach freagairt mu loidhnichean iasgaich