- TIOTAL
- Cèis air a seòladh gun Ghranndach bho Skinner, 28 Dùbhlachd 1905
- EXTERNAL ID
- Z_GB1796_GRANT_979_65_SKINNER_026_001
- DEIT
- 1905
- LINN
- 1900an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 7095
- KEYWORDS
- fìdhlearan
fìdhlean
slatan iasgaich
cèisean
luchd-ciùil
luchd-sgrìobhaidh ciùil
srathan spè

B' ann à Batan Gorm, Drochaid Chàrr a bha Alasdair Grannd (1856 - 1942) bho thùs, àite bhon tàinig am far-ainm aige 'Batan'. Mar bhalach òg bha e fosgailte dhan dà nì a thàinig gu bhith sàr dhìoghrasach na bheatha, fìdhlearachd agus iasgach. Chaidh e air adhart gu bhith sàr chomasach san dà raon sin; mar iasgair slaite a chruthaich slat iasgaich shònraichte gun choimeas dha fhèin, a bha aithnichte mar 'Grant Vibration Rod', agus mar fhìdhlear a stiùir An Comann Srathspè & Ruidhle Gàidhealach airson faisg air dà fhichead bliadhna agus mar eòlaiche ann an dòighean dèanamh fhìdhlean. Dh'innlich e fidheall sònraichte air chumadh clàr leis an ainm 'Rondello'. Tha eisimpleir de shlat iasgaich, fidheall agus Rondello a' Ghranndaich rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.
Bha an Granndach na charaid mòr dhan neach-ciùil eile, Seumas Scott Skinner (1843-1927), a bha na phrìomh mheadhan air leasachadh ciùil Albannach traidiseanta agus bhathar gu tric ga ainmeachadh mar 'Rìgh an t-Srathspè'. Tha a' chèis seo bho Skinner (leis a' cheann-là Dùn Deagh, 28 Dùbhlachd 1905) air a seòladh gun Ghranndach aig Taigh a' Chaorainn, Rathad Bhaile na Faire, Inbhir Nis