- TIOTAL
- Litir gu Grannd o Skinner, an 16mh là dhen Mhàrt 1916, duilleagan 2 agus 3
- EXTERNAL ID
- Z_GB1796_GRANT_979_65_SKINNER_044_002
- DEIT
- 1916
- LINN
- 1910an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 7218
- KEYWORDS
- fìdhleirean
fìdhlean
slatan-iasgaich
luchd-ciùil
sgrìobhadairean-ciùil
cuirmean-ciùil
Manson Scott Skinner
puirt Srath-Spè
Bhuineadh Alasdair Grannd (1856-1942) don Bhadan Ghorm ann an Dhrochaid Chàrr, agus 's ann às a sin a thàinig am far-ainm aige - 'Battan'. Na bhalach chuir e eòlas air dà rud anns am biodh sàr ùidh aige - fìdhlearachd agus iasgach. Ràinig e an ìre a b' àirde anns an dà raon; na iasgair a' cruthachadh slat-iasgaich dha fhèin dham b' ainm 'Grant Vibration Rod', agus na fhìdhlear a bha na cheannard a' chuid bu mhotha de dhà fhichead bliadhna air Comann Ruidhle agus Strath-Spè na Gàidhealtachd, agus na shàr-eòlaiche air dòighean fìdhlean a dhèanamh. Rinn e cuideachd fidheall annasach chruinn dham b' ainm an 'Rondello'. Tha eisimpleir dhen t-slat-iasgaich, fidheall agus 'Rondello' aig Grannd ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealan Inbhir Nis.
Bha Grannd na dheagh charaid dhan neach-ciùil agus sgrìobhadair-ciùil Seumas Scott Skinner (1843-1927), am fear ris an cante gu tric 'Righ an t-Srath-Spè', agus a bha fìor chudromach ann a bhith a' leasachadh ceòl tradaiseanta na h-Alba. Chuir Skinner an litir seo gu Grannd air an 16mh là dhen Mhàrt 1916, à Taigh-Òsta Darling's Regent ann an Dùn Èideann. An seo, tha Skinner ag innse mu na consartan a bha agus a bhitheas aige. Tha e cuideachd a' toirt iomradh air a' phòsadh aig a mhac Manson o chionn ghoirid, ann an Astràilia far a bheil e fuireach. Tha e crìochnachadh leis an naidheachd gun do dh'fhàg 'Druim Blàr' aige £100,000. (B' e Uilleam McHardy, Iarla Dhruim Blàir, fear de na taibheartaich aig Skinner). Rinn esan a chuid airgid o innleadaireachd ann an Ceann a deas Afraga, mus do thill e a dh'fhuireach ann an Taigh Dhruim Blàr, Forgue, faisg air Hunndaidh ann an Siorrachd Obar Dheathain