- TIOTAL
- Sgarbastair bho Phromanàd Inbhir Theòrsa
- EXTERNAL ID
- CAITHHORZ_CAIMS_PHO166
- ÀITE
- Inbhir Theòrsa
- SIORRACHD/PARRAIST
- GALLAIBH: Inbhir Theòrsa
- LINN
- 1970an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Caithness Horizons
- AITHNEACHADH MAOINE
- 747
- KEYWORDS
- tràighean
calaidhean
aiseagan

Dealbh camara de phort Sgarbastair a chaidh a thogail bho Thràigh Inbhir Theòrsa. Dh' fhaodadh gur e aiseag Sgarbastair gu Arcaibh a th' anns an t-soitheach gheal.
Bha Cala Sgarbastair a-riamh cudromach do mharaichean ann an ceann a tuath na h-Alba.agus cha b' fhada gus an robh e aithnichte mar an t-slighe gu Arcaibh, Sealtainn agus na Dùthchannan Lochlannach. Thogadh an cala a th' ann an-diugh mu 1841 agus ann an 1856 bha aiseag eadar Sgrabastair agus Sromnis. Na phàirt cudromach de dh'eaconamaidh a' chinn a tuath, bha a' chala aig aon uair na mheadhan dhan chabhlach iasgaich sgadain, mus do ghabh smùide thairis bho shiùil.
An-diugh, air sgàth a shuidheachadh buannachdail, 's e Sgrabastair am port iasgaich as luaithe a tha a' fàs ann am Breatainn. Tha a shuidheachadh cuideachd a' ciallachadh gu bheil ceangal aige ri leasachadh Ola a' Chuain a Tuath. O chionn ghoirid chaidh cidhe ùr agus ionad uisge domhainn a thogail.
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Caithness Horizons