- TIOTAL
- Ceann-cunntais aig R Noble, Rupadair, Luachadair agus Luchd-gnothaich
- EXTERNAL ID
- GB232_D594A_RNOBLE
- ÀITE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- DEIT
- 1911
- LINN
- 1910an
- CRUTHADAIR
- unknown
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Lìonradh Thasglann na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 8195
- KEYWORDS
- cunntasan
cunntais

'S e seo an ceann-cunntais aig R. Noble. Tha an ceann-cunntais ag ràdh ''Art Cabinet Maker and Upholsterer, House Agent, Auctioneer, Valuator and Undertaker.' Bha a' ghnothachas aig 6 & 8 Sràid Inglis, Inbhir Nis. Chaidh an cunntas a dhèanamh suas air a' 5mh Dùbhlachd, 1911.
Chaidh cinn-chunntasan an cleachdadh ann an gnothaichean reic o mun cuairt air an 18mh linn gu meadhan an 20mh linn. Sna bliadhnaichean deireannach aca bha iad air a dhol a-steach nan ceann-litrichean cuideachd airson sgrìobhadh gu daoine. 'S ann às a' chairt-mhalairt, mar a dh'aithnicheadh e, a thàinig an ceann-cunntais agus a bharrachd air a bhith na chunntas no 'invoice' agus na chuidhteas no 'receipt', bha e cuideachd feumail na shanas gus companaidh a mholadh. Mar bu trice, air a' cheann-chunntais bhiodh ainm, ceàrd, comharra-ceàird agus seòladh na companaidh. Bhiodh àireamh a' chunntais, fios mu phàigheadh, liosta den bhathar agus suim uile gu lèir, uile air an sgrìobhadh air. Bhiodh cuid de chinn-chunntasan ann air am biodh dealbh den bhùth no den fhactaraidh agus clàr den bhathar a bha iad a' reic, leithid adan, brògan no tombaca