- TIOTAL
- Leabhar Airm 439
- EXTERNAL ID
- Z_PC_WGORDON3_004_022
- LINN
- 1910an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- W Gordon
- AITHNEACHADH MAOINE
- 8407
- KEYWORDS
- Leabhraichean Airm
clàr seirbheis oifigeir
Arm Bhreatainn

Tha an ìomhaigh seo a' sealltainn dhuilleagan 12 agus 13 de Leabhar Airm 439. Bha Leabhar Airm 439, a bha air a chleachdadh sa Chiad Chogadh Mhòr, mar chlàr de sheirbheis oifigeir. Anns an leabhar bha clàr de fhiosrachadh pearsanta an oifigeir agus a phostaidhean, trèanaidhean agus àrdachaidhean dreuchd.
Bhuineadh an leabhar seo do dh'Adhamh MacAnndrais Gòrdan à Goillspidh. Air duilleag 12 tha aithris bho aon de àrd-oifigearan a tha a' sealltainn gur e 'oifigear dealasach agus dìcheallach a bh' ann, air a bheil beachd math aig commandair a' chompanaidh.'
B' e Adhamh MacAnndrais Gòrdain athair do dh'Iain Camshron Gòrdain, a ghabh thairis sealbh air a' bhùth ciùil 'The Record Rendezvous', a tha stèidhichte air Sràid na h-Eaglaise ann an Inbhir Nis