- TIOTAL
- Foillseachaidhean Taghaidh, 1874: Sanas airson coinneimh aig Teàrlach Friseal Mac an Tòisich a chaidh a chur dheth
- EXTERNAL ID
- Z_QZP40_2915_P067
- LINN
- 1870an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 9005
- KEYWORDS
- taghaidhean
poilitigs
luchd-poilitigs
pàrtaidhean poilitigeach
Tha an sanas seo a' toirt fa-near gu bheil dàil air Teàrlach Friseal Mac an Tòisich agus mar sin, nach ruig e Inbhir Nis gu Diluain 2 Gearran 1874. Bha e na thagraiche airson seata Bailtean Inbhir Nis anns an Taghadh Choitcheann a bha gu bhith ann agus bha e a'fuireach ann an Algiers nuair a chaidh an taghadh a ghairm. 'S e "droch thuras thar na Mara Meadhan-thìrich" a chuir dàil air.
B' e toradh an taghaidh airson Bailtean Inbhir Nis (a' gabhail a-steach Inbhir Nis, Inbhir Nàrann, Farrais is A' Chananaich):
Friseal Mac an Tòisich (Libearalach neo-eisimeileach) - 1,134
Mac an Tòisich an Ràthaig Mhòir (Libearalach) - 879
Mac an Tòisich an Tuilm (Tòraidh) - 16
Fhuair na Libearalaich aig Uilleam Gladstone a' mhòr-chuid de na bhòtaichean san taghadh, ach fhuair na Tòraidhean aig Benjamin Disraeli a' mhòr-chuid ann an Taigh nan Cumantan. 'S e pàirt mòr den adhbhar gun d' fhuair iad iomadh roinn-taghaidh gun fharpais