- TIOTAL
- A' comharrachadh cur suas a' phòla aig Caol Loch Aillse
- EXTERNAL ID
- GB232_RAMSAY_D893_1_16_021
- ÀITE
- Caol Loch Aillse
- SGÌRE
- Taobh an Iar Dheas Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Loch Aillse
- DEIT
- 22 Cèitean 1946
- LINN
- 1940an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 9256
- KEYWORDS
- hydro-electric
Kyle of Lochalsh
Stirling of Fairburn

Tha clann-sgoile agus muinntir an àite timcheall air àite air a dhùnadh dheth gus sùil fhaighinn air fàilteachas togail pòla a bhiodh a' comharrachadh toiseach an obair togail ann an sgìre Loch Aillse. Bha am fàilteachas anns a' Chèitean 1946 agus thòisich na damaichean, lochan agus stèiseanan cumhachd gan togail às dèidh sin agus chaidh an dealan a chur air anns an Dùbhlachd 1948. Chaidh iarraidh air a' Bh-Uas Stirling Farabraon, bean an Ridire Iain Stirling, gnothaichean a ghabhail thairis aig an àm shònraichte seo le taic bho Thòmas MacIain.
Chaidh Bòrd Dealain Ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fon Achd Leasachadh Dealan uisge (Alba) 1943. Chuir Tòmas MacIain an Achd air beulaibh Taigh nan Cumantan a' dèanamh soilleir gun toireadh e taic a' fuasgladh bochdainn na Gàidhealtachd le bhith a' dèanamh feum den 'the great latent power of the region'. Dh'inns MacIain do na Cumantan, 'industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.
Bhiodh prìomhachas aig luchd-cleachdaidh cumanta an toiseach leis an luchd-cleachdaidh na bu mhotha ris an robhar an dùil as an dèidh agus bhiodh cumhachd a bha air fhàgail air a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Chuidicheadh prothaidean bho na dheaghadh a reic ann a bhith a' lùghdachadh nan cosgaisean airson dealan a thoirt gu àitichean iomallach agus chuidicheadh iad leasachadh eaconamach agus suidheachadh nan daoine anns a' Ghàidhealtachd. Bha an t-amas ainmeil sòisealta seo a' sònrachadh Bòrd an Dealain mar innleachd airson leasachadh Ceann a Tuath na h-Alba a bharrachd air companaidh airson dealan a thoirt seachad.
Bhathar den bheachd gum biodh gu leòr cumhachd às an stèisean cumhachd air Loch Sloy, taobh an iar Loch Laomainn airson na bha a dhìth ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' chumhachd a bharrachd air a chleachdadh gus taic a thoirt do na pròiseactan aig Mòrar agus Loch Aillse air sgàth 's nach biodh e buailteach gum biodh e comasach do na sgeamachan seo a bhith prothaideach. Bha cosgaisean togail nan trì phròiseactan seo air a thomhas aig £4,600,000
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives