- TIOTAL
- Tobhtaichean Chaisteal Shuain, Cnapadal
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0025
- ÀITE
- Cnapadal
- SGÌRE
- Meadhan Earra-Ghàidheil
- SIORRACHD/PARRAIST
- EARRA-GHÀIDHEAL: Cnapadal a Tuath
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 9381
- KEYWORDS
- Caisteal Shuain
Cnapadal
rìoghairean
tobhtaichean
Suibhne
Suaibhne Ruadh
caistealan

Tha Caisteal Shuain, no Suainidh, an Earra-Ghàidheal am measg nan caistealan cloiche as tràithe an Alba a tha fhathast nan seasamh. Chaidh a thogail mun 12mh linn le Suaibhne Ruadh. 'S ann le duine mu seach a bha e tro na linntean agus mu dheireadh chaidh a sgrios le muinntir an Rìgh, na rìoghairean, ann an 1647. Chaidh an dealbh seo a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson agus chithear an caisteal air a chòmhdach gu mòr le eidheann.
Rugadh Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive