- TIOTAL
- Coille giuthais nàdarra, Gleann Canaich
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0063
- ÀITE
- Gleann Canaich
- SGÌRE
- An Àird
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Cill Mhòraig
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 9472
- KEYWORDS
- coilltean giuthais
giuthas
Gleann Canaich
Srath Glas
Loch Maol Àrdaich
dealan-uisge
dama
damaichean uisge

Tha an dealbh seo, a chaidh a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson, a' sealltainn choilltean giuthais nàdarra agus beanntan air an cùlaibh, 's dòcha ann an Gleann Canaich, fear de thrì glinn a' dol dhan iar ann an Srath Ghlas. Tha abhainn Chanaich a' dol tro Ghleann Canaich, a' dol gu Loch Maol Àrdaich agus an dama Dealan-Uisge as motha an Alba, a chaidh a dhèanamh sna 1950an. Aig àm a thogail bha iad glè chùramach gus nach biodh cus buaidh aige air an dùthaich mu thimcheall.
Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive