- TIOTAL
- Bothan & rathad, Gleann Canaich
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0071
- ÀITE
- Gleann Canaich
- SGÌRE
- An Àird
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Cill Mhòraig
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 9491
- KEYWORDS
- coilltean giuthais
giuthas
Gleann Canaich
Srath Glas
Loch Maol Àrdaich
dealan-uisge
dama
damaichean uisge
Gleann Afraig
Gleann Srath Farar

Tha Gleann Canaich na fhear de thrì glinn a' dol dhan iar ann an Srath Ghlas. 'S e na dhà eile Gleann Srath Farar agus Gleann Afraig. Tha abhainn Chanaich na ruith tro Ghleann Canaich, a' dol gu Loch Maol Àrdaich agus an dama Dealan-Uisge as motha an Alba, a chaidh a dhèanamh sna 1950an. Aig àm a thogail bha iad glè chùramach gus nach biodh cus buaidh aige air an dùthaich mu thimcheall. Chaidh dealbh a' bhothain seo ann an Gleann Canaich a thogail sa chiad leth den 20mh linn.
Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive