- TIOTAL
- Inbhir Nis agus Linne na Manachainn o Bhlàr Chùil Lodair
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0080
- ÀITE
- Mòinteach Chùil Lodair
- SGÌRE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 9512
- KEYWORDS
- Cùil Lodair
Inbhir Nis
Linne na Manachainn
Seumasaich
Stiùbhartaich
Diùc Chumberland
Tha an dealbh seo, a chaidh a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson, a' toirt sealladh thairis air Inbhir Nis agus air Linne na Manachainn, o Bhlàr Chùil Lodair.
Chaidh Cath Chùil Lodair a chur air an t-16mh dhen Ghiblean 1746 eadar luchd-taic Seumasach a' Phrionnsa Theàrlaich Eideard Stiùbhairt agus arm an Rìgh Hanòbharach Seòras II. 'S e ceann cùise de chogadh a bh' ann mu chreideamhan cràbhach agus poilitigeach a bha air cinneadh agus dùthaich a roinn. 'S e cho mì-riaraichte 's a bha daoine leis an dòigh riaghlaidh aig an Rìgh Chaitligeach Seumas VII Alba agus II Shasainn a dh'fhàg cuireadh a' dol gu Uilleam à Orains gus strì airson na rìgh-chathair agus a dh'fhàg Seumas a' teiche don Fhraing. 'S e ar-a-mach nan Seumasach an 1745-46 am fear mu dheireadh de ghrùnn oidhirpean neo-bhuannachail gus seann teaghlach nan Stiùbhartach a chur air ais air an rìgh-chathair.
Chaidh bratach nan Seumasach a thogail air an 19mh dhen Lùnasdal 1745 aig Gleann Fhionghain agus Teàrlach Eideard Stiùbhart air èigheachd na leas-rìgh agus athair na Rìgh Seumas VIII agus III. Thòisich an t-arm aige a' meàrrsadh gu ruige Lunnainn ach cha d'fhuair e na bha e an dùil de thaic ann an Sasainn. Chuir iad romhpa tilleadh don Ghàidhealtachd. Bha arm fo Uilleam Augustus, Diùc Chumberland, am mac a b' òige aig Rìgh Seòras II, gan ruith. Thàinig an dà arm an aghaidh a chèile air Mòinteach Dhruim Athaisidh (no Cùil Lodair mar a bha e an uairsin).
Bha an t-arm Seumasach na bu lugha ann an àireamh, air an droch uidheamachadh agus gann de dh'armachd-losgaidh agus de dh'eachraidh. Bha iad air meàrrsadh fad na h-oidhche roimhe air plòigh neo-shoirbheachail agus bha an t-acras orra (chaidh am biadh fhàgail an Inbhir Nis). A bharrachd air sin bha am fearann freagarrach don eachraidh agus do na gunnaichean mòra aig Cumberland agus gu tur mì-fhreagarrach don dòigh-cogaidh a b' fheàrr le na Seumasaich - an ionnsaigh. Chaidh ruaig a chur air na Seumasaich taobh a-staigh uair a thìde.
Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive