- TIOTAL
- Sealladh gu Rùm
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0142
- ÀITE
- Rùm
- SGÌRE
- Loch Abar
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Na h-Eileanan Beaga
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 9597
- KEYWORDS
- eileanan
seallaidhean

'S e Rùm as motha dhe na h-Eileanan Beaga sna h-Eileanan a-staigh. Tha e deas air an Eilean Sgitheanach eadar Eige agus Canaigh. Tha beanntan air an eilean agus tha a' chuid as motha dhiubh de chlach-ghainmhche Thoirbheartan. Tha daoine air a bhith ann an Rùm bho 7000RC agus tha e air a bhith aig iomadh duine. Chaidh an t-eilean a chomharrachadh mar Ionad Tèarmann Nàdair ann an 1957 agus tha Dualchas Nàdair na h-Alba ga riaghladh an-dràsta. Thamu 30 neach a' fuireach air an eilean agus theirear gur ann as motha a tha de shileadh sna h-Eileanan a-staigh.
Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive