- TIOTAL
- Loch Tearnaid
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0161
- ÀITE
- Loch Tearnaid
- SIORRACHD/PARRAIST
- EARRA-GHÀIDHEAL: A' Mhorbhairne
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 9640
- KEYWORDS
- lochan
daingneachdan
aibhnichean
crannagan

Tha Loch Tearnaid air Oighreachd Aird Tòirnis mu dhà mhìle a-staigh air an dùthaich bho cheann Loch Alainn. 'S e deagh àite a th' ann airson iasgach bhreac agus tha Abhainn raineach a' sruthadh tro loch Tearnaid air a slighe gu Loch Alainn. Tha crannag bheag fhuadain ann an Loch Tearnaid. Bha cead aig fir san dùthaich mun cuairt, aig an robh casaidean eucoir nan aghaidh, comraich iarraidh an seo fhad 's a ruigeadh iad an t-eilean mus beirist orra.
Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive