- TIOTAL
- Loch Sgàbhaig
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0198
- ÀITE
- Loch Sgàbhaig; Loch Coir' Uisge
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: An Srath
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 9722
- KEYWORDS
- lochan
beanntan
rothaich
aibhneachan

'S e loch-mara air taobh an iar dheas an Eilein Sgitheanaich a th' ann an Loch Sgàbhaig. Tha i a' fosgladh don Linne Sgitheanaich le Eilean Shòdhaigh chun an iar agus ceann-tìre Srath na h-Àirde chun an ear. Tha Abhainn Sgàbhaig ga ceangal ri Loch Coir' Uisge agus ris a' mhuir. Tha Loch Coir' Uisge air loch cho iomallach 's a tha san Eilean Sgitheanach. Chan eil dòigh air faighinn thuice ach le eathar agus tha an uair sin tha pìos math coiseachd ann. Tha an loch ann am meadhan a' chumaidh crudha eich air prìomh dhruim A' Chuilthinn. Chaidh a chruthachadh nuair a bha an linn deighe mu dheireadh ann.
Rugadh Màiri Ethel Muir NicDhòmhnaill (Donaldson) ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i mòran siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh an iar na Gàidhealtachd agus bhiodh i a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Chaochail i ann an 1958. Tha an dealbh seo anns a' chruinneachadh aice
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive