- TIOTAL
- Càrn seòmarach Choire a' Mhonaidh
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0217
- ÀITE
- Coire a' Mhonaidh
- SGÌRE
- An Àird
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Cill Mhòraig
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 9762
- KEYWORDS
- cùirn
cearcall chlachan
airceòlas

Tha an càrn seòmarach ann an Coire a' Mhonaidh mu ochd mile an iar air Druim na Drochaid ann an Gleann Urchardainn. 'S e uaigh ann an trannsa a tha sa chàrn . Tha e coltach ris an fheadhainn ann an Clabhalag agus buinidh e dhan 3mh mile-bliadhna RC. Tha cearcall chlachan timcheall a' chùirn agus tha an trannsa ann an loidhne ris an iar dheas a rèir àm dol fodha na grèine meadhan a' gheamhraidh.
Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive