Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
 
>
Duilleag de 1
<

Conaltradh & Meadhanan

Conaltradh agus Na Meadhanan

Tha leasachadh air tighinn air dòighean conaltraidh air Ghàidhealtachd thairis air na linntean, bho bheul-aithris gu cànan sgrìobhte (agus clò-bhuailte), gu craoladh agus an t-eadar-lìon an-diugh. Chaidh aon dòigh conaltraidh dhùthchasach a leasachadh – clachan samhla nan Cruithneach – ach gu mì-fhortanach chan eil fuasgladh ann tuilleadh leis an gabh an tuigsinn.

Seirbheisean puist
Leis gum feumadh litrichean a bhith air an giùlan bho àite gu àite chaidh seirbheisean puist a chur air bhonn, ach fad iomadh bliadhna bha iad iomrallach air sgàth droch rathaidean agus dealbh-tìre garbh na Gàidhealtachd, cho math ris an iomadh turas mara cunnartach. Mar eisimpleir, chaidh litrichean a Leòdhas a ghiùlan air cois fad 17 mìltean a-null cladach tuath Loch Ma Ruibhe, tro Pholl Iùbh agus an uair sin air bàta a Steòrnabhagh. Mar a thàinig piseach air còmhdhail, thàinig agus air seirbheis a' phuist. Thòisich coidsichean eadar Inbhir Nis agus Peairt ann an 1809, thàinig trèanaichean dhan Ghàidhealtachd anns na 1860an agus thòisich seirbheis puist adhair, a' chiad tè ann am Breatainn, ann an 1934.

Pàipearan-naidheachd
Bha pàipearan-naidheachd air leth cudromach airson fiosrachadh a thoirt do shluagh sgapte na Gàidhealtachd, agus aig aon àm bha am pàipear-naidheachd fhèin aig a' mhòr-chuid de bhailtean. B' e am pàipear-naidheachd Gàidhealach a bu tràithe Journal Inbhir Nis, stèidhichte ann an 1807. Chaidh a' cho-fharpaiseach aige, Courier Inbhir Nis, a stèidheachadh ann an 1817, 's tha e a' dol gu math an-diugh, mar a tha an North Star, Journal Siorrachd Rois agus Journal Taigh Iain Ghròt. Tha iad sin, agus feadhainn eile leithid Gasaet Steòrnabhaigh agus an Orcadian, air am postadh gu eilthirich Ghàidhealach air feadh an t-saoghail agus bidh iad a' cumail fiosrachadh riutha air na tha a' tachairt 'aig an taigh'.

An Uèir
Nochd an teileagram anns na 1860an agus chaidh a' chiad iomlaid-fòn a chur a-staigh ann an Inbhir Nis ann an 1885. Chaidh a' chiad iomlaid-fòn fhèin-ghluaiseach a chur a-staigh ann an Caisteal Sgìobail, Cataibh, leis a' mhilleanair Anndra Carnegie a bhiodh ri deagh euchdachd. Chaidh càbalan ùra thar a' Chuain Shiar a thoirt air tìr aig Geàrrloch mu 1960, a' toirt piseach air a' cheangal eadar an RA agus Ameireaga.

An Rèidio
Thug rèidio agus telebhisean a' Ghàidhealtachd a-staigh ann am meadhan-shruth dualchas taobh siar an t-saoghail. Ach gu tric tha iad air obrachadh an aghaidh dualchas na Gàidhlig agus tha iad air Beurla a dhaingneachadh na cànan a tha a' toirt bàrr. O chionn ghoirid, ged-tà, tha oidhirpean air a bhith air an dèanamh gus craoladh Gàidhlig a leudachadh. Cha deach a leithid a dhèanamh gus dìon a chur air dualchainntean eile na Gàidhealtachd, ged-tà, leithid Dorach; tha an glug sgòrnanach coimheach air greimeachadh fad is farsaing.

Mar as trice, bidh leasachaidhean teicneòlach a' ruigheachd na Gàidhealtachd beagan nas anmoiche na an còrr de Bhreatainn, ach an dràsta 's a-rithist 's ann air a chaochladh a tha a' chùis. Tha ùr-ghnàthachadh leithid choimpiutairean pearsanta agus an t-eadar-lìon air a bhith air a chleachdadh gus sluagh na Gàidhealtachd, agus a cuid ghnìomhachasan, a chumail aig an aon ìre ri conaltradh na cruinne, gu h-àraidh leis gu bheil barrachd is barrachd dhaoine ag obair bhon taigh air neo airson chompanaidhean a tha stèidhichte ann an àite eile.

4 Toraidhean

CruinneachaidheanBrobhs Cuspairean > Conaltradh & Meadhanan


Ìomhaighean: 141Seirbheis a' Phuist
Ìomhaighean: 16Telegraf
Ìomhaighean: 9Fòn

>
Duilleag de 1
<
Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture